Tagraichean ‘air leth’ a’ tighinn nam buill de Chùirt ÐÔÊӽ紫ý
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (ÐÔÊӽ紫ý) air ceathrar bhall neo-eisimeileach ùra a chur an dreuchd sa bhuidhinn riaghlaidh aca, a’ gabhail a-steach Àrd-Oifigear Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Cuiridh ÐÔÊӽ紫ý fàilte air Alex Paterson, Eilidh NicAonghais, Allan Clow agus Heather Offord don Chùirt an t-seachdain-sa. Thig na buill ùra an cuideachd bhuill làithreach na Cùirte ann a bhith a’ toirt seachad comhairle mu stiùireadh ro-innleachdail ÐÔÊӽ紫ý.
Tha dreuchd Àrd-Oifigear aig Alex Paterson aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. San dreuchd a bh’ aige roimhe mar Àrd-Oifigear Iomairt na Gà idhealtachd 's nan Eilean, bha e an urra ri leasachadh air prìomh roinnean nà iseanta, a' cur ri fàs choimhearsnachdan agus gnothachais. Tha gnà th-eòlas aige cuideachd air an roinn mhalairtich, agus e air ìrean trà thail a chùrsa-obrach a chur seachad le Esso Chemicals, Volvo agus Iomairt na h-Alba.
I stèidhichte ann an Uibhist a Deas agus Glaschu, tha Eilidh NicAonghais an-drà sta na Prionnsapal air Ruigsinneachd is Faotainneachdan Fearainn aig a’ chompanaidh lùth uaine chruinneil, Fortescue Future Industries. Bha i roimhe ag obair san Sgioba Fearainn aig SSE Renewables agus Uisge na h-Alba. Mar neach-tagraidh dìoghrasach às leth na Gà idhlig, tha i air fèisean ionadail a chur air dòigh roimhe seo tron bhuidhinn aice ‘Modrun’, ag altram cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gà idhlig agus luchd-ciùil, agus tha i air a bhith na preasantair air prògraman TBh agus rèidio sa Ghà idhlig.
Tha Allan Clow na Chunntasair Riaghlaidh Cairte aig an robh à rd-dhreuchdan ionmhais ann an caochladh bhuidhnean san roinn phrìobhaidich, nam measg CHAP Holdings agus Havelock Europa. Stèidhichte ann an Loch Bhraoin, tha e an-drà sta na Stiùiriche-Riaghlaidh air Bancon Homes agus Bancon Construction. Tha e cuideachd na stiùiriche neo-ghnìomhach air Glencraft Mattresses, companaidh iomairt shòisealta neo-phrothaideach a tha a’ toirt cosnadh do dhaoine le cion-lèirsinne agus anacothroman eile.
Stèidhichte ann an Glaschu is freumhan aice anns an Òban, tha Heather Offord na Stiùiriche air a’ chompanaidh comhairleachaidh gnothachais, One4Growth. Tha i air seirbheisean comhairleachaidh a sholarachadh do Chomann Rèidio-eòlaichean Eadar-theachdail Bhreatainn, Oilthigh Canterbury, Ceartas Coimhearsnachd na h-Alba agus STV. Tha i cuideachd na ball comataidh de Bhoireannaich ann an Gnothachas ann an Alba, na h-urrasair aig Fonndas Cùraim Ghlaschu agus na comhairliche do Thriving Survivors, carthannas a tha a’ toirt taic don a h-uile duine a thà inig tro mhòr-chiùrradh.
Tha ÐÔÊӽ紫ý cuideachd air fà ilte a chuir air Paul Travill, a bha na Neach-clà raidh Acadaimigeach Cruinneil aig Oilthigh Heriot Watt, agus Liz Stiùbhart, Rianadair Ionmhais aig SSE Renewables, an roinn as motha de SSE earr., mar bhuill neo-eisimeileach cho-thaghte de chomataidhean a bhuineas don Chùirt.
Chaidh na buill ùra, a bhios a’ com-pà irteachadh air bhunait shaor-thoileach, a thaghadh às deidh iomairt trusaidh agus pròiseas taghaidh a tharraing freagairt mhòr, a’ gabhail a-steach ùidh bho thagraichean eadar-nà iseanta.
Agus e a’ cur fà ilte air an naidheachd, thuirt Alastair MacColla, Cathraiche Cùirt ÐÔÊӽ紫ý: “Tha caochladh eachdraidhean aig buill ùra na cùirte againn agus iad a’ toirt an uabhais ghnà th-eòlais leotha. Is e an rud a th’ aca uile ann an cumantas, dealas fìor mhòr a thaobh nam builean a choileanas sinn do na h-oileanaich agus na sgìrean againn. Còmhla ri buill là ithreach na cùirte againn, cuidichidh na buill ùra bharraichte seo ÐÔÊӽ紫ý le cumail air adhart a’ dèanamh cinnteach gum bi ionnsachadh a’ ciallachadh barrachd, airson gach aon de na h-oileanaich againn agus de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh.â€